Tha Seo Math Dhuibh Blog

Sgrìobhadh Cruthachail

By 22nd June 2017 No Comments

English

Tha sinn taingeil gun do sgrìobh Janet NicLeòid beagan fhaclan mu dheidhinn bùth-obrach sgrìobhaidh a chaidh a chumail an t-seachdain sa chaidh:

 

Gu dearbh, bha e math agus bha seo math dhuinn uile a bha an làthair san leabhar-lann aig Sabhal Mòr Ostaig, fo stiùir Rody Gorman, an oide a bha os cionn a’ bhùth-obrach airson sgrìobhaidh cruthachail.

’S e buidheann beag grinn de shianar a thàinig còmhla,  a bharrachd air Iseabail à Aros, a chur an cùrsa air bhog agus Rody fhèin.  Nach robh dithis Àstrailianaich a bha an seo air turas, nur measg cuideachd agus bha e cho taiceil gun d’ rinn Iseabail eadar-theangachadh dhaibh, oir b’ e am miann fhèin gun cluinneadh iad sinne a’ bruidhinn sa Ghàidhlig.

Thug Rody cothrom dhuinn deasbad, eòlas a chur air càch a chèile agus innseadh gu dè bha fa-near dhuinn le ur cuid sgrìobhaidh.   Thugadh dhuinn cuideachd dòigh shìmplidh gus ar brosnachadh gus toiseachadh le bhith a’ cleachdadh liostaichean de fhaclan.  Cha robh mise air cus a dhèanamh a thaobh sgrìobhadh pearsanta bhon a bha mi nam sgoilear (agus iomadh bliadhna bhon uairsin!) ach bha mi air mo mhisneachadh airson pìos bàrdachd a sgrìobhadh an dèidh làimh agus mi a-nis an làn dòchais gum faigh sinn cothrom coinneachadh mar seo a-rithist.

 

Gàidhlig

le Sùsaidh Arnold

 

Thàinig sinn còmhla

Sùsaidh is Siùsaidh

Iseabail is Rhona

Seonaid is Roddy

Danny is Theresa.

 

Fear à Èirinn

dithis à Sasainn

dithis à Astràilia

is triùir à Alba.

 

Thàing iad uile

leis an aon smaoin:

a dh’èisteachd

a chluinntinn

a bhruidhinn

is a chruthachadh

anns a’ Ghàidlig.

Boireannach sa bhàile mhòr

le Janet NicLeòid

 

Nad sheasamh aig solais trafaig

Dreach dòigheil, ‘designer’ ort

Deasaichte airson dreuchd

Sgeadaichte cho sgiobalta.

 

Mise air cùl a’ chamara

Nam thrusgan luchd-turais

Iomhaigh cho eadar-dhealaichte

Le deò duthchail nam anail.

 

Adhbhar fo chomhair dhut

Agus amas nad shùilean,

Gu bheil an lionnsa gun fhiosta

Gad thogail sa mhòmaid.

Taing mhòr do Janet is Sùsaidh a bha deònach an obair aca a shealltainn dhuinn, do Rody, do Chairistiona agus Greg aig leabhar-lann SMO, agus don a h-uile duine a bha an lathair aig a’ bhùth-obrach.

Thèid an ath bhùth-obrach sgrìobhaidh a chumail air Diciadain 12 An Iuchar ann an Leabhar-lann Phort Rìgh.  Bidh Maoilios Caimbeul aig an stiùir agus ‘s ann mu dheidhinn bàrdachd a bhios an seisean.

Ma tha sibh airson àite a bhucadh cuiribh fòn gu Iseabail air 01478 613 649 air neò post-dealain gu Iseabail@aros.co.uk.