A’ Toirt Mo Chasan Leam

£14.99

by Maureen NicLeoid

Ghabh Maureen NicLeòid bliadhna dheth gus cuairt a chur air an t-saoghal agus tha an cunntas dealbhach, beothail, èibhinn aice gar toirt a choinneachadh ri iomadh caractar àraid agus sealladh iongantach air an t-slighe.  Eadar strì ri boireannaich eagalach Trèana an Trans Mongolian, fuireach ann an yurt ann am Mongolia, danns an Tango ann an Argentina no trod ri dràibhearan tagsaidh anns a h-uile h-àite, chì sinn iomadh ceàrnaidh – cuid àlainn mar Eas Niagara, agus cuid aognaidh mar raointean bàsmhor Chambodia – tro shùil gheur an ùghdair, agus cha leig sinne a leas fiù èirigh bhon an t-sòfa!

Paperback: 382 pages

Publisher: Acair Ltd., 2016

Language: Gaelic

Product Dimensions: 14.8 x 3.2 x 21 cm

SKU: 9780861524006 Categories: ,