Sreathan anns a’ Ghainmhich

£11.99

by Domhnall Eachann Meek

Anns an leabhar seo gheibh sibh taghadh de na rannan s na sreathan a rinn Dòmhnall Meek air iomadach cuspair a tha a’ buntainn ris a bheatha fhèin, eadar Tiriodh tro na bliadhnachan, coimhearsnachdan an eilein, a Ghàidhlig, a Ghàidhealtachd, càirdean is co-luchd-obrach, daoine is creutairean, dùthchasaich is coigrich, agus an saoghal mòr neònach anns a bheil sinn uile beò an-diugh.

Tha iomadh gleus anns na rannan. Tha iad uaireannan sòlamaichte, uaireannan èibhinn, uaireannan brònach, agus uaireannan magail, mar a fhreagras air sealladh Dhòmhnaill.

Tha Dòmhnall air a dhòigh nuair a bhios e na shuidhe air an t-seann tractor Ferguson a tha fhathast beò slàn air a chroit ann an Tiriodh – ‘Feargaidh mo ruin-sa’, mar a tha aige fhèin air ann an òran-gaoil san leabhar seo.

Paperback: 266 pages

Publisher: Acair Ltd., 2017

Language: Gaelic

Product Dimensions: 13.9 x 1.8 x 21.6 cm

SKU: 9780861524112 Categories: ,