MUSIC & TRANSLATIONS INCLUDED
Anns an leabhar seo gheibhear òrain a tha cur an cèill spiorad Gàidhlig Ìle tro eachdraidh, dualchas agus àrainneachd phrìseil an eilein.
Thàinig an leabhar gu buil tro phròiseactan ionadail far an do cho-obraich coimhearsnachdan le bhith cruinneachadh òrain de gach seòrsa – cuid air an robh mu thràth deagh aithne agus cuid eile nach deach a-riamh an clò. A thuilleadh air an sin chaidh ath-nuadhachadh a dhèanamh air pìosan bàrdachd traidiseanta le bhith cur ceòl às ùr riutha. Tha an leabhar air a chur ri chèile gu gasta le ìomhaighean fìor àlainn den eilean agus air a dhealbh gu grinn airson luchd-ciùil a bhith ga chleachdadh. Tha eadar-theangachadh cuideachail an cois gach òran.
Leabhar a dh’fheumar fhaighinn ma tha ùidh idir agad ann an òrain à Ìle.
Songs from Islay’s Gaelic community, capturing the spirit of the landscape, history and culture of the island. A must have book for everyone with an interest in Gaelic songs from Islay.