Tha Seo Math Dhuibh Blog

An Cèitean 2017

By 1st June 2017 No Comments

English

Tha clasaichean agus bùithean-obrach ùra air tòiseachadh anns an Eilean Sgitheanach air a mhìos seo.

Chaidh buidheann teiripe-ealain, no “art therapy” a’ stéidhicheadh aig An Acarsaid, dachaidh-cùraim anns an Ath Leathann.   Bidh Gail McGregor a’ stiùireadh na seiseanan.  Tha a’ bhuidheann air tòrr rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh, nam measg chruthaich iad flùraichean no gàrradh, rinn iad obair-ealain le ceòl agus rinn iad pròiseact air ‘Na rudan as fheàrr leam’.

art therapy session22-1
art therapy4-1
art therapy1-1

 

 

 

4
ArtTherapyGFY
'These are a few of my favourite things'

 

Chaidh sreath ùr de chlasaichean dannsa agus gluasad a’ chur air bhog le Meena Watts.  ‘S e tidsear danns Bollywood a th’ann an Meena, agus cleachdaidh i ceòl Albannach agus stoidhlichean danns eadar-dhealaichte na cuid obrach.  Tha clas air tòiseachadh aig dachaigh-cùraim Bùdhmòr ann am Port Rìgh.  Thèid clas ùr a thòiseachadh ann an Caol Acainn anns an Iuchar a bhios fosgailte don a h-uile duine – cùmaibh sùil a-mach airson barrachd fios!

Mar phàirt de Tha Seo Math Dhuibh, chaidh tiocaidean nas saora a thoirt don bhuidheann Skye Youth Drop-in. Thàinig dà bhuidheann gu Aros airson na filmichean Boss Baby agus Guardians of the Galaxy Vol.2 a choimhead.

Tha e coltach gun do chord na filmichean riutha!

Bidh tachartasan agus bùithean-obrach eile a’ nochdadh anns na seachdainean ri thighinn.  Cùmaibh sùil air an làrach seo agus Facebook airson barrachd fiosrachaidh.